Mikoshi

Mikoshi

Is e mikoshi (神輿) seòrsa carbaid dhiadhaidh sa chreideamh Siontò, no taisealan, a tha a' giùlan spiorad dhè agus th' air aiseag a-null bho phrìomh naomh chobhan a' pharaiste gu naomh chobhan sealadach rè matsuri (fèille) san Iapan, air neo, nuair a bhithear a' gluasad gu naomh chobhan ùr.[1] Tha gu tric coltas togalaich air mikoshi le colbhan, ballachan, mullach, for-uinneag is rèile.

  1. Sokyo Ono, William P. Woodward, Shinto - The Kami Way, Charles E. Tuttle Company, Tokyo 1992, ISBN 4-8053-0189-9

From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Tubidy