Litreachas

Seann leabhraichean

’S e corpas de theacsaichean sgrìobhte a th’ ann an litreachas, aig bun-ìre. Mar as trice, gus a bhith ga chunntadh mar theacsa litreachasail, feumaidh teacsa a bhith a’ cleachdadh a’ chànain sa bheil e sgrìobhte ann an dòigh neo-àbhaisteach no ealanta, no a bhith a’ buntainn ri cuspairean inntleachdail no feallsanachail.

Faodar “litreachas” a roinn a rèir a nàdair fhìrinnich (no neo-fhicseanail) no neo-fhìrinnich (no fhicseanail), no a rèir a dhòigh-sgrìobhaidh — an e rosg no bàrdachd a th’ ann — no a rèir a ghnè — m.e., nobhail, sgeulachd, dràma.


From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Tubidy