Utrecht

Utrecht
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Utrecht
Co-chomharran 52° 05 20' Tuath
05° 06 56' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 99.32 km²
Àireamh-shluaigh 321,583 (2012)
Dlùths 3,237.85/km²
Àireamh fòn (+ 31) 030[1]
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente), faisg air Amersfoort ann an cridhe nan Tìrean Ìsle a th' ann am Utrecht (IPA: ytrɛxt, Frysk: Utert, Laideann: Traiectum ad Rhenum). Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Vecht, a sruthas dhan Rijn agus Canal air a bheil Amsterdam-Rijnkanaal, 13m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: provincie) dhen aon ainm, 35km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 48km bho Rotterdam, 55km bho Den Haag, 123km bho Mhiddelburg agus 77km bho Eindhoven.[3] Tha a h-uile coltas ann gu robh tuineachaidhean an seo ro àm nan Ròmanach agus 's iad na Ròmanaich a thog Caisteal san àite seo mu 50 RC. 'S ann o uut (sìos na h-aibhne san Duitsis) agus traiectum (staran san Laideann) a thàinig an t-ainm. Tha 321,583 duine a' fuireach ann.[4] A bharrachd air sin, 's e an ceathramh baile as motha na dùthcha a th' ann an Utrecht.[5]

  1. Utopia
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Centraal Bureau voor de Statistiek
  5. Geonames

From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Tubidy